“Mar shearmonaiche bha e a cheart cho fileanta sa Bheurla ‘s a bha e ann an cainnt a mhàthar.” B’ e sin an t-Urramach Dòmhnall MacRath.
Ged a bha e na bhuachaille air coitheanalan eadar an t-Eilean Sgitheanach is Uibhist, tha fhios gur e aon de na prìomh bhuachaillean a bha os cionn coitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart sna Hearadh. Chaidh a phòsadh ris a' choitheanal ann an 1956 agus bha e an sin gu 1988 gus an do leig e dheth a dhreuchd. Show less