Chan fhaigheadh tu ainm na bu fhreagarraiche na Buachaille a’ Bhìobaill dhan fhear air a bheil sinn a’ toirt iomradh anns a’ phrògram seo. Bho bhith na Bhuachaille air a’ chroit gu bhith na bhuachaille sa chùbaid – an t-Ollamh Urramach Dùghlas Mac a’ Mhaoilein.
Rugadh Dùghlas Mac a’ Mhaoilein ann an 1933. B’ ann do sgìre Àrd nam Murchan a bhuineadh e agus b’ e an neach a b’ òige de shianar chloinne. A’ fàs suas, cha robh dad a' cunntais ach na caoraich agus cha bheag a bh’ ann dhiubh sin.
Bha Mgr Mac a’ Mhaoilein na mhinistear ann an Obar Dheathain agus ann an Glaschu, agus chaidh an uair sin a stèidheachadh mar Phroifeasair air Eachdraidh agus Prionnsabalan na h-Eaglaise Saoire anns a' Cholaiste ann an Dùn Èideann. Anns a’ phrògram seo, cluinnidh sinn bho fheadhainn a bhiodh a’ frithealadh nan eaglaisean aige agus bho chuid a fhuair oideachadh bhuaithe sa Cholaiste ann an Dùn Èideann. Show less