Ann a seachdain aig toiseach na Dùbhlachd ann an 1977 chaidh grunn cheilidhean a chlàradh ann an Taigh-òsta a Mhishnish ann am Muile agus abair gu robh ceòl math ri chluinntinn nuair a chaidh an craoladh as t-earrach às dèidh sin. Seo fear eile de na ceilidhean a bha sin.
Os cionn a' chiùil tha cò eile ach Bobby Macleòid air a' bhucas agus Billy Thom air na drumaichean, le Frank Henery air a' ghiotar agus Alasdair Macleòid air 'double bass'. A thuilleadh air a' chèol an-diugh tha The Sound of Mull a' seinn 'Uibhist mo Ghràidh' agus ' Teann a-nall', agus Dòmhnall Macleòid le 'Tiugainn do Sgalpaigh' agus 'Gad Chuimhneachadh'.
'S iad na puirt a th' aig Bobby agus Billy :-
Balmoral Highlanders/ Maggie Cameron/ The Rejected Suitor.
Null Thar an Aiseig/ Ri Taobh Loch Èitibh/ Fàgail Liosmòr.
Parker's Welcome to Perthshire /Arthur Bignold of Lochrosque.
Colonel Rodney/ Byres Road/ Jackie Coleman.
The Hills of Perth/ Farewell to the Creeks Show less