Ann a seachdain aig toiseach na Dùbhlachd ann an 1977 chaidh grunn cheilidhean a chlàradh ann an Taigh-òsta a Mhishnish ann am Muile agus abair gu robh ceòl math ri chluinntinn nuair a chaidh an craoladh as t-earrach às dèidh sin. Cluinnidh sinn taghadh de na ceilidhean sna seachdainean a tha romhainn.
Os cionn a' chiùil tha cò eile ach Bobby Macleòid air a' bhucas agus Billy Thom air na drumaichean, le Frank Henery air a' ghiotar agus Alasdair Macleòid air 'double bass'. A thuilleadh air a' chèol an-diugh tha Màiri Sandeman a' seinn 'Ochoin a Rìgh' agus 'Loch Maruibhe' agus Uilleam Iain MacAmhlaigh a' gabhail 'Balaich an Iasgaich' agus 'A Mhàiri Dhonn is Toigh Leam Thu'.
'S iad na puirt a th' aig Bobby agus Billy : _
Sweet Maid of Glendaruel / Coirechoillie's Welcome / Piper's Cave /Greenwood Side /Teribus, Campbell's Farewell to Redcastle. Nut-brown Maiden/ Tha mi Sgìth/ Dornoch Links.
The Kingston Hornpipe/ The Golden Eagle/ Off to California.
Leaving Glen Urquhart/ Ross-shire Volunteers.
Jean's Reel/ Sally Gardens/Timor the Tartar.
My Native Highland Home/ Leaving Port Askaig. Show less