Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,831 playable programmes from the BBC

Sruth an Eòlais

Àird nam Murchan

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Fad 2021 tha sinn a' comharrachadh 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a chlàradh le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gàidhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.

'S e eòlaiche air ainmean-àite a bh' ann an Iain Friseal a bha ag obair aig Sgoil Eòlais na h-Alba. 'S ann à Geàrrloch a bha Iain, ach na èirigh suas chuir e seachad iomadach samhradh ann an Àird nam Murchan far a robh ceangal teaghlaich làidir aige. A seo bha e a' dol tro na clàraidhean a chaidh a dhèanamh sa sgìre leis an Sgoil.

Cluinnidh sinn Dòmhnall MacColla, seinneadair ainmeil sa sgìre, le Tha Niall sa Bhàta Mhòr agus Òran Chinn Gheàrrloch, sgeulachd bho Aonghas Camshron air a bheil Trì Ceistean an Rìgh agus sgeulachd mun bhana-shìthe, a' Ghlasraig, aig Dòmhnall Mac a‘ Phearsain. Gheibh sinn cuideachd sgeulachd mun mhadadh-allaidh mu dheireadh ann a Suaineart agus, aig Dùghall Greumach, cluinnidh sinn air mar a thug iad a char à gaidsear. Tha Seonaidh Camshron a’ seinn Ha ho ro mo rùn am Fearann agus ag innse seanchas air mar a thachair le briogais dròbhair a bha dol gu fèill an Uibhist. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More