Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,487 playable programmes from the BBC

Airidh air Urram

Bobby Macleòid

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

B' ann à Tobar Mhoire an Eilean Mhuile a bha Bobby Macleòid agus 's ann ann an taigh-òsta an teaghlaich a sin, am Mishnish, a chual' e ceòl a' mhaileòidian an toiseach. Bha e deich bliadhna a dh' aois, na phìobaire agus na dhannsair ach an dèidh am maileòidian a chluinntinn cheannaich e bucas agus thòisich e a' cluich aig dannsan. Chualas a chòmhlan an toiseach air a' BhBC ann an 1949 agus 's iomadh ceàrnaidh anns na chluich iad às dèidh sin. Bha meas mòr aig daoine air a cheòl, le blas làidir na pìobaireachd agus na Gàidhlig air a bha scaiteach math airson dannsa ris.

A seo tha Màrtainn Dòmhnallach a' toirt dhuinn dealbh air an duine le cuideachadh bhon bhana-sheinneadair Seònaid NicDhòmhnaill à Muile, am fear-ciùil Fergie Dòmhnallach agus am pìobaire Ailean Mac a’ Phearsain à Ath Tharracail, Uilleam MacFhionghain a bha a’ ruith bàr a’ Mhishnish airson 40 bliadhna, agus na seinneadairean Dòmhnall Macleòid à Ìle agus Mairead Nicleòid bho chòmhlan na h-Òganaich.

Chaochail Bobby Macleòid air 26mh den Fhaoilleach 1991. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More