Air Seachdain Cuimhneachaidh tha sinn a' comharrachadh gu bheil 75 bliadhna bho sguir an Dàrna Cogaidh 's a seo 's e sgeulachd muinntir an airm a tha sinn a' faighinn.
Air feasgar geamhraidh ann an 1983 chuir Eòghainn Dòmhnallach, Eòghainn Ghilleasbuig Ruairidh, à Hòstadh ann an Uibhist a Tuath, fàilte air seann charaid gu a dhachaigh air taobh an iar Ghlaschu. B’ esan Seonaidh MacIllEathain, neo Seonaidh Sìneag mar a b’ fheàrr a b’ aithne e, à Gobhlair faisg air Hoghaigearraidh. Seann eòlaich a dh’ fhàs suas faisg air a chèile is a chaidh dhan sgoil còmhla nan òige, ach ’s beag an dùil an uair sin ris na bha an dàn dhaibh.
Mar bhall de na Territorials chaidh Seonaidh a thogail dhan arm nuair a chaidh an Dàrna Cogadh a ghairm san t-Sultain 1939 agus aig fichead bliadhna a dh’aois 'liostaig' Eòghainn toiseach 1942 an dèidh a' chiad bhliadhna an Oilthigh Ghlaschu a chrìochnachadh. Choinnich iad às ùr ann an campa nan Camshronach ann an Obair Dheathain, nam pàirt den dàrna Feachd Rèisimeid Gàidhealach, a 51st Highland Division. Bha iad uile mothachail air mar a chaidh a' chiad 51st a chur an grèim san Ògmhios 1940 aig St Valery, a’ fàgail cheudan bhalaich Ghàidhealach is eile nam prìosanaich cogaidh eadar a’ Ghearmailt agus a’ Phòlainn.
Bha iad air toiseach slighe a dh’fhàgadh làrach cogaidh air an còrr dem beatha, a' sabaid aig El Alamein am measg blàir eile. Dh' innis iad mar a thachair do dh' Ailean Caimbeul ann an 1983. Show less