Air Seachdain Cuimhneachaidh tha sinn a' comharrachadh gu bheil 75 bliadhna bho sguir an Dàrna Cogaidh 's a seo 's ann air an RAF a tha am prosbaig.
Bha Calum MacDhonnchaidh, Calum Ùisdean às a' Cheann Àrd os cionn Clachan na Luib an Uibhist a Tuath, bliadhna thar fhichead nuair a chaidh a ghairm gu seirbheis na dùthcha tràth san Dàrna Cogaidh. Gu h-annasach do dh’eileanach, raghnaich Calum an RAF agus às dèidh ùine glè ghoirid de thrèanadh bha e an luib sgioba air itealan bomber, air an robh a Halifax. B’ ann còmhla ri na Canèidianaich a bha e le 424 Squadron a bha air a bhith sgèith à ceann a tuath Afraga a’ bombadh Sicily agus an Eadailt ron a sin. Bha esan na navigator orra nuair a thill iad a cheann a tuath Shasainn gu Skipton-on-Swale ann a Siorrachd Iorc ann a 1943. A seo tha e ag innse mun obair a bh' aige do Dhòmhnall Camshron. Show less