Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,595 playable programmes from the BBC

Leth-cheud Bliadhna na Shagart

Maighstir Cailean MacAonghais

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Available for years

Samhradh 1970 agus tha Cathair-eaglais Naomh Chaluim Chille san Òban loma-làn, agus grunn mhath de mhuinntir Uibhist nam measg, 's iad air a thighinn gu tachartas sònraichte far an robh dithis bhalach à ceann a deas Uibhist a’ gabhail bòidean crìochnachaidh na sagartachd. B’ iad Mgr Cailean MacAonghais agus Mgr Iain Aonghas Dòmhnallach, nach maireann, a ghabh na bòidean aca còmhla a’ là bha siud san Iuchar bho chionn leth-cheud bliadhna.

Tha Mgr Cailean, a shiubhail an saoghal bhon a dh’fhàg e Barraigh ann an 1985, 's a chuir còrr air deich bliadhna fichead seachad a’ frithealadh paraistean ann an Ecuador, an-diugh air tilleadh a dh’ Uibhist. Chomharraich e na leth-cheud bliadhna na shagart ann an 2020 nuair a bha e na shagart air paraiste Eaglais Naomh Moire ann am Beinn na Fadhla, le cruinneachadh gu math beag ann an taigh an t-sagairt, còmhla ri dà shagart eile san sgìre.

Anns a’ phrògram seo cluinnidh sinn bho Mhgr Cailean air mar a cho-dhùin e an t-slighe a ghabhail chun na sagartachd na bhalach òg an Uibhist agus mu na bliadhnaichean a bha e ag ionnsachadh ann an Obar Dheathain agus anns an Spàinn. Tha e cuideachd a' toirt dhuinn taghadh de laoidhean, òrain spioradail agus ùrnaighean air a bheil e fhèin gu math dèidheil. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More