Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 282,259 playable programmes from the BBC

Sgeulachd Nannie Pheadar Ròraidh

Tony Kearney ann an còmhradh ri mhàthair

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Mar phàrantan chan e h-uile sgeulachd a bhios sinn airson innse dhar cuid chloinne, ach rinn Tony Kearney a h-uile oidhirp air sgeulachdan gu leòr fhaighinn bho mhàthair nuair a fhuair e air microphone a chur air a beulaibh mu dheireadh thall.

Anns a’ phrògram mu dheireadh den t-sreath, cluinnidh sinn mar a chaidh Nannie air ais a Bharraigh agus a theagasg ann an Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil, far an robh a h-antaidh Anna a’ teagaisg airson iomadach bliadhna roimhe sin.

Fhad ‘s a bha i ann am Barraigh, chuir i eòlas air a deagh charaid, Flòraidh NicNèill, Flòrag an Tàilleir, agus nuair nach biodh iad a’ falbh gu dannsaichean is cèilidhean a sheinn, bhiodh iad trang a’ cluich badminton.

Nuair a dh’fhàg Nannie Barraigh agus a thill i gu tìr mòr, choinnich i fear a bha dol a dh’atharrachadh a beatha le bhith ga toirt a Hong Kong, ach mar a thuirt i fhèin, “Taing do Dhia nach deach mi ann! Fhuair mi seòrsa do litir, Dear John!“.

Ach cha robh e fada gus an do choinnich i ris an fhear a dh’atharraich a beatha agus a thuit ann an gaol leatha fhèin agus le eilean a h-àraich, Eilean Bharraigh. B’ esan Tommy Kearney agus bha iad pòsta còrr is dà fhichead bliadhna. Chuir iad seachad am bliadhnaichean mu dheireadh còmhla air ais ann am Barraigh. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More