Is iomadh fear is tè leis a bheil Tony Kearney air agallamh a dhèanamh, a’ faighinn a-mach mum beatha is eile anns an obair a th’ aige mar chraoladair. Ach tha fhios nach do chur e microphone air beulaibh neach cho prìseil ris an tè air an do chur e na ceistean nas tràithe am-bliadhna. Anns an t-sreath ghoirid seo cluinnidh sinn Tony ann an còmhradh ri mhàthair, Nannie Kearney neo Nannie Pheadar Ròraidh.
Anns a' phrògram seo tha Nannie a’ cuimhneachadh air làithean a h-òige ann am Barraigh. Cluinnidh sinn mun a' chiad turas aice ann an càr, turas nach do chòrd rithe idir, idir agus an càr na annas sna làithean sin ann am Barraigh! Tha Nannie cuideachd a’ cuimhneachadh an oidhche a thòisich an Dàrna Cogadh agus an là a thàinig an naidheachd gun robh an cogadh seachad. Show less