Do na gillean uile, mar theisteanas air misneachd, fad-fhulangas agus uaisle ri aodann geur-leanamhainn … na facail a sgrìobh am bàrd Dòmhnall Iain Dòmhnallach, Dòmhnall Iain Dhonnchaidh à Peighinn an Aoireann an Uibhist a Deas aig toiseach a leabhar aige Fo Sgàil a’ Swastika, a thainig a-mach an toiseach ann a 1974, a thug cunntas air mar a ghlacadh e aig St Valery agus mar a thug e ceithir bliadhna na phrìosanach as a’ Ghearmailt aig àm an darna cogaidh.
A seo tha e ag innse mar a chaidh an glacadh 's mar a choisich iad airson trì seachdainean gus mu dheireadh a chaidh an cuir ann an carbadan chruidh gus na ràinig iad Campa Stalag IX-C sa Ghearmailt. Bha tòrr Gàidhlig am measg nam prìosanach agus bha iad air an cuir còmhla airson obair ann an cuaraidh chlach aig Mühlhausen. Theich e fhèin's fear eile às a' champa agus chaidh an cuir an grèim agus b' e am peanas a fhuair iad 21 là air uisge 's aran ann an cealla. Cha do chuir sin stad air ge-tà agus dh'fheuch e air falbh a-rithist bho mèinn shalainn Merkers. Ri linn sin fhuair e trì miosan cruaidh shaothair ann an cuaraidh chlach eile aig Masbach.
Tha Dòmhnall Iain Dhonnchaidh ag innse do Choinneach MacIomhair mar a thachair. Show less