Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,799 playable programmes from the BBC

Dealan-dè

Catrìona Boyd às a' Rubha a Leòdhas

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Nach iomadh fireannach às na h-eileanan a chuala sibh air an radio ag innse mu na rinn 's na chunnaic e anns an dà chogadh mhòr. Ach dè cho tric 's a chuala sibh boireannach a bha thall sa chogadh? Uill sin dìreach a rinn Catriona Boyd bhon a' Chnoc anns an Rubha a Leòdhas leis na chlàr Dòmhnall Moireasdan còmhradh bho chionn còrr math air 30 bliadhna. Catriona NicLeòid a bh' oirre mus do phòs i, nighean Sandaidh Chaluim Alasdair, agus bha i a' nursadh an Afraga bho 1942-45. Thill i dh' Alba às dèidh a' chogaidh, far an robh i - am measg rudan eile - a' coimhead às dèidh phrìosanach Gearmailteach a bha an ìmpis a dhol gu Cùirt Nuremberg, far an deach an crochadh. Ach cha robh Catriona deiseil a' falbh an t-saoghail. Ann an 1958 - 's gun i ach beagan bhliadhaichean goirid air an trì fichead - thog i oirre a' nursadh ann an New Zealand. Agus mar a chluinneas sibh anns a' chòmhradh a bh' aice fhèin 's Dòmhnall, 's iomadh àite anns na stad i a' dol ann 's a tighinn às. Bha i gu math thairis air 80 nuair a choinnich iad ann a 1987. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More