‘S e bliadhna shònraichte a tha air a bhith ann an 2019 do Chriosaidh NicNèill neo Criosaidh Denny à Barraigh. Bha an guth seinn aig Criosaidh NicNèill am measg nan guthan seinn bu chliùitiche a thàinig a-mach à Barraigh; bhuannaich i farpaisean seinn san t-seann nòs, chan e a-mhàin aon turas ach dà thuras aig a’ Mhòd Nàiseanta, an Scotia Trophy agus Bonn Òir a’ Chomuinn Ghàidhealaich. Thairis air na bliadhnaichean tha i air òrain is dualchas an eilein a chumail beò tron t-seinn agus tron eòlas aice fhèin.
Gu mì-fhortanach cha chluinn sinn an guth seinn aice an-diugh ach air clàraidhean a chaidh a dhèanamh thar nam bliadhnaichean agus ‘s math gu bheil gu leòr dhiubh sin ann. Ged nach bi i fhèin a’ seinn tha i gu mòr a’ toirt taic do dh’ òigridh an eilein ann a bhith gam brosnachadh agus a’ toirt taic dhaibh nuair a thig e gu bhith seinn òrain Ghàidhlig.
Anns an t-sreath ghoirid seo fhuair Angela NicFhionghuin còmhradh ri Criosaidh na dachaigh ann an Eòlaigearraidh. Bha Criosaidh air leth fortanach na h-òige oir thogadh i ann am baile a bha dha-rìribh beartach a thaobh òrain is dualchas agus le guth seinn àlainn aice fhèin b' e buannachd air leth a bha seo dhi. Anns a' chiad phrògram bha Criosaidh a’ coimhead air ais air làithean a h-òige, na seinneadairean a bh’ anns an sgìre, na cèilidhean agus na tidsearan ciùil a bh’ aice airson a brosnachadh chun àrd-ùrlar.
An dèidh do Chriosaidh bliadhna neo dhà a’ dhèanamh san àrd-sgoil ann an Inbhir Nis cho-dhùin i nach robh i dol a leantainn oirre, ‘s chaidh i air ais dhachaigh. Na beachd fhèin bha i dol a-staigh airson a bhith na banaltram, ach bha i ro òg aig an àm airson trèanadh agus, mar a chomhairlich a màthair dhi aig an àm, chaidh i an ceann a cosnaidh.
Thòisich Criosaidh cuide ri nigheanan eile à Barraigh agus eileanaich eile air obair ann an sgoil airson clann-nighean ann an sgìre Shruighlea far an robh fealla-dhà is plòigh gu leòr. Às dèidh Sruighlea ghluais i a Ghlaschu agus i an dùil leantainn oirre a’ trèanadh airson a bhith na banaltram, ach cha do dh’obraich cuisean a-mach mar a bha i an dùil, ‘s chaidh an trèanadh fhàgail airson greis a-rithist.
Ach aon rud a bha soirbheachadh leatha b’ e sin a guth seinn agus bha Criosaidh bho àm gu àm ri cluinntinn a’ seinn ann an Talla Khingston, ann an Glaschu còmhla ri Iain Moireasdan à Uibhist a Deas. Abair guthan! Show less