Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,694 playable programmes from the BBC

Sgeulachd Beatha

Criosaidh NicNèill, Criosaidh Denny à Barraigh - Prògram 1

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

‘S e bliadhna shònraichte a tha air a bhith ann an 2019 do Chriosaidh NicNèill neo Criosaidh Denny à Barraigh. Bha an guth seinn aig Criosaidh NicNèill am measg nan guthan seinn bu chliùitich a thàinig a-mach à Barraigh; bhuannaich i farpaisean seinn san t-seann nòis, chan e a-mhàin aon turas ach dà thuras aig a’ Mhòd Nàiseanta, an Scotia Trophy agus Bonn Òir a’ Chomuinn Ghàidhealaich. Thairis air na bliadhnaichean tha i air òrain is dualchas an eilein a chumail beò tron t-seinn agus an tron eòlas aice fhèin.

Gu mì-fhortanach cha chluinn sinn an guth seinn aice an-diugh ach air clàraidhean a chaidh a dhèanamh thar nam bliadhnaichean agus ‘s math gu bheil gu leòr dhiubh sin ann. Ged nach bi i fhèin a’ seinn tha i gu mòr a’ toirt taic do dh’ òigridh an eilein ann a bhith gam brosnachadh agus a’ toirt taic dhaibh nuair a thig e gu bhith seinn òrain Ghàidhlig.

Anns an t-sreath ghoirid seo fhuair Angela NicFhionghuin còmhradh ri Criosaidh na dachaigh ann an Eòlaigearraidh. Bha Criosaidh air leth fortanach na h-òige oir thogadh i ann am baile a bha dha-rìribh beartach a thaobh òrain is dualchas agus le guth seinn àlainn aice fhèin b' e buannachd air leth a bha seo dhith. Anns a' chiad phrògram tha Criosaidh a’ coimhead air ais air làithean a h-òige, na seinneadairean a bh’ anns an sgìre, na cèilidhean agus na tidsearan ciùil a bh’ aice airson a brosnachadh chun àrd-ùrlar. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More