Presenter John Urquhart guides learners through the intricacies of the Gaelic language, dialects, idioms and sayings. In this week’s programme John shares clips from some of the BBC’s Gaelic output which he uses to illustrate some of the complexities of the language, grammar help is on hand from resident expert Dr Michel Byrne and Ishbel Murray meets learner of the week Mark Newman who shares his experience of learning Gaelic.
A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Gach seachdain, treòraichidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.
Anns a’ phrògram seo, cluinnear criomagan à tasglann Radio nan Gàidheal le mìneachadh air cuid de na puingean cànain a tha a’ togail ceann annta agus sùil air gràmair bhon Ollamh Michel Byrne agus bidh Iseabail Mhoireach a’ còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain, Mark Newman agus a’ cluinntinn mu a roghainnean ciùil. Show less