Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,764 playable programmes from the BBC

Flòraidh a' dol dhan Tobar

Prògram 3/3

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Seo am prògram mu dheireadh far a bheil Floraidh Forrest a' cluich chlàran bhon tasglann sònraichte a chaidh a chruinneachadh còmhla air-loidhne fo bhratach Tobar an Dualchais.

Fhuair Flòraidh obair mar stiùiriche air a’ phròiseict inntinneach seo bho chionn ghoirid agus bho thòisich i san obair tha i air a bhith a' cur eòlas a bharrachd air cuid de na clàraidhean iongantach a th’ ann. Tron t-sreath phrògraman seo, tha i dol gar toirt air an t-slighe phearsanta aice fhèin, mar a tha i a' cur eòlas air cuid de na clàran agus na daoine a thug seachad am beartas fiosrachaidh, òrain, beul-aithris, ceòl agus na sgeulachdan seo.

'S e pròiseact a th’ ann an Tobar an Dualchais far an deach mìltean de dh'uairean a thìde de chlàran-fuaim Gàidhlig is Albais a ghleidheadh ann an cruth didseatach, agus tha na clàran-fuaim a' tighinn à trì cruinneachaidhean: Sgoil Eòlais na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann; BBC Alba, a' toirt a-steach prògraman bho Radio nan Gàidheal; agus bho chruinneachadh Chanaigh aig Urras Nàiseanta na h-Alba.

Aig an ìre seo tha còrr is 45,000 clàr air an làraich, agus am measg na chluinneas sinn bho Fhlòraidh an-diugh tha Niall MacIllFhinnein, Neillie Eàirdsidh le ‘Bha Gog Gog Gog aig a' Choileach ud a-raoir’ ( clàr a chaidh a dhèanamh le Iain Latharna Caimbeul bho chionn 70 bliadhna ), an seinneadair eireachdail a dh’ eug na bu tràithe air a' bhliadhna, Gordeanna McCulloch le When I was Single agus Ceit NicNeacail, Ceit Ruairidh, às an Ìochdar, agus bannal-luaidh Ghèirinis a’ seinn ‘Tha mulad, tha mulad’. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More