Tha e dùbhlannach a bhith nad bhoireannach òg san latha an-diugh ach tha e nas duilghe buileach a bhith feuchainn ri bhith soirbheachail anns a h-uile càil. Ach a bheil e comasach do dhuine sam bith a bhith soirbheachail anns a h-uile earann dhem beatha? Agus dè tha e a' ciallachadh a bhith soirbheachail co-dhiù?
An urrainn dhut a bhith soirbheachail nad dhreuchd AGUS a’ faighinn cadal gu leòr, eacarsaich agus a’ cur seachad ùine le do theaghlach agus do charaidean? A bheil duine beò a’ dèanamh sin?
Dè an dòigh as fhasa mullach an àraidh a ruighinn? Ciamar a bu chòir dhut faighneachd airson tuarastal nas àirde? Ciamar a bu chòir do bhoireannaich òga dèiligeadh ris an iomadh cnap-starra a tha mun coinneamh?
Sin na ceistean a tha Kerry Anne NicLeòid a’ cur ro thriùir bhoireannach ’s iad a’ deasbad nan dearbh chuspairean, le comhairle cuideachd bho grunnan bhoireannaich agus iad a’ sgrìobhadh litir bhrosnachaidh thuca fhein nuair a bha iad na b’òige. Show less