Seo a' chiad program de thrì far a bheil Floraidh Forrest a' cluich chlàran bhon tasglann sònraichte a chaidh a chruinneachadh còmhla air-loidhne fo bhratach Tobar an Dualchais.
Fhuair Flòraidh obair mar stiùiriche air a’ phròiseict inntinneach seo bho chionn ghoirid agus bho thòisich i san obair tha i air a bhith a' cur eòlas a bharrachd air cuid de na clàraidhean iongantach a th’ ann. Tron t-sreath phrògraman seo, tha i dol gar toirt air an t-slighe phearsanta aice fhèin, mar a tha i a' cur eòlas air cuid de na clàran agus na daoine a thug seachad am beartas fiosrachaidh, òrain, beul-aithris, ceòl agus na sgeulachdan seo.
'S e pròiseact a th’ ann an Tobar an Dualchais far an deach mìltean de dh'uairean a thìde de chlàran-fuaim Gàidhlig is Albais a ghleidheadh ann an cruth didseatach, agus tha na clàran-fuaim a' tighinn à trì cruinneachaidhean: Sgoil Eòlais na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann; BBC Alba, a' toirt a-steach prògraman bho Radio nan Gàidheal; agus bho chruinneachadh Chanaigh aig Urras Nàiseanta na h-Alba.
Aig an ìre seo tha còrr is 45,000 clàr air an làraich, agus am measg na chluinneas sinn bho Fhlòraidh an-diugh tha sgeulachd èibhinn aig Ceit Dix à Beàrnaraigh na Hearadh, òran bho Cheit Nic a' Mhaolain no Ceit Ruairidh à Torlum am Beinn a' Bhadhla agus pìobaireachd bho Chalum Peutan, Calum Eàirdsidh Choinnich à Uibhist a Deas. Show less