Anns an Lùnastal sheòl an Santa Maria III, neo sgoth Chaluim Mhòir air ais dhachaigh a-staigh dhan Acarsaid ann an Èirisgeidh agus Dòmhnall Eàirdsidh MacFhionghuin air pròiseact leasachaidh a mhair sia bliadhna, ‘s a bha gu math faisg air a chridhe fhèin, a choileanadh.
B' e bàt'-iasgaich ‘ringer’ a bh’ anns an Santa Maria III agus bha i uaireigin mar phàirt den fleet de sgothan Èirisgeach. B’ ann aig Calum MacFhionghuin a bha i, bràthair athair DA agus am fear bu shine den teaghlach MhicFhionghuin neo Clann Nèill Aonghais Iain Mhòir, teaghlach de shàr iasgairean gu sònraichte nuair a thigeadh e gu iasgach an sgadain. Bha gnìomhachas an iasgaich ann an Èirisgeidh air leth soirbheachail ri linn an sgadain agus cluinnidh tu fhathast na sgeulachdan bhon àm sin mu obair chruaidh ach bliadhnaichean toilicht’.
Cheannaich DA an Santa Maria III air an eadar-lìon agus e am beachd a’ dèanamh suas agus a’ toirt air ais a’ dh’Èirisgeidh mar thiodhlac dhan eilean agus na h-iasgairean a thug ionnsachadh math dha fhèin na bhalachan òg nuair a chaidh e gu muir an toiseach. Mar a chuala sinn sa chiad program, ‘se pròiseact gu math nas motha na bha dùil aige a bha seo agus thug e tòrr a bharrachd ùine agus airgid airson a choileanadh.
Tha am bàta air Malaig a’ ruighinn agus an criutha air nochdadh, cuid dhiubh air tighinn astar cho fada air falbh ri Oman, an còrr à Èirisgeidh, an Gearasdan agus bhon Chost an Ear. Còmhla riutha cuideachd bha Èirisgeach eile, an craoladair Angela NicFhionghuin. Anns a’ phrògram seo tha sinn a’ leantainn an turas mara eadar Mallaig is Acarsaid Èirisgeidh, ‘s cha b’ ann a’ seòladh air uisgeachan ciùin a bha iad, ach bu mhath a b’ fhiach an turas a’ dhèanamh agus am pròiseact aig DA MacFhionghuin a thoirt gu buil agus an Santa Maria III a sheòladh air ais dhachaigh. Show less