Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 280,389 playable programmes from the BBC

Santa Maria III a’ Seòladh Dhachaigh

Am bàta dha deisealachadh airson an turas dhachaigh

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Available for years

Anns an Lùnastal sheòl an Santa Maria III, neo sgoth Chaluim Mhòir air ais dhachaigh a-staigh dhan Acarsaid ann an Èirisgeidh agus Dòmhnall Eàirdsidh MacFhionghuin air pròiseact leasachaidh a mhair sia bliadhna, ‘s a bha gu math faisg air a chridhe fhèin, a choileanadh.
Anns a' phrògram seo cluinnidh sinn sgeulachd an Santa Maria III - bho nuair a cheannaich DA air ais dhan teaghlach MhicFhionghuin i, ‘s gun innte ach an t-slige, gus an robh i deiseil airson seòladh air ais tarsainn a' Chuain Sgìth a’ dh’Èirisgeidh.

B' e bàt'-iasgaich ‘ringer’a bh' innte, uaireigin mar phàirt den fleet de sgothan Eirisgeach. B’ ann aig Calum MacFhionghuin a bha i, am fear bu shine den teaghlach MhicFhionghuin neo Clann Nèill Aonghais Iain Mhòir, teaghlach de shàr iasgairean gu sònraichte nuair a thigeadh e gu iasgach an sgadain. Bha gnìomhachas an iasgaich ann an Eirisgeidh air leth soirbheachail ri linn an sgadain agus cluinnidh tu fhathast na sgeulachdan bhon àm sin mu obair chruaidh ach bliadhnaichean toilicht’.

Cheannaich DA an Santa Maria III bhon an eadar-lìon agus e am beachd a’ dèanamh suas agus a’ toirt air ais a’ dh’Èirisgeidh mar thiodhlac dhan eilean agus na h-iasgairean a thug ionnsachadh mhath dha fhèin na bhalachan òg nuair a chaidh e gu muir an toiseach. Ach bha am pròiseact seo gu bhith gu math nas motha na bha dùil aige, agus bha feum aig an Santa Maria III air tòrr a bharrachd air còta peant! Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More