Tha Lachaidh MacIllÌosa às an Eilean Sgitheanach, Lachie Gillies mar as aithne e, a' còmhnaidh fhathast san aon dachaigh san do rugadh e bho chionn còrr 's ceithear fichead bliadhna 's a còig. Chunnaic Lachaidh, mar a chunnaic a cho-aoisein, atharrachadh mòr air doigh-beatha na Gàidhealtachd agus nan Eilean eadar meadhan na ficheadamh linn agus an latha an-diugh. Ach 's e an rud mu Lachaidh gu bheil esan air mòran den eachdraidh sin agus a chuimhneachain pearsanta fhèin a ghlèidheadh gu mionaideach agus iad sgrìobhte sìos aige, facal air an fhacal agus latha an dèidh latha. Chaidh Seumas Dòmhnallach a thadhal air na dhachaigh ann an Steinnseal agus thòisich iad a' bruidhinn air làithean-sgoile agus mu thubaist a bh' aige na bhalach an àm a' chogaidh a dh'fhàg e san ospadal airson sia seachdainean. Show less