Tha Cumha do dh'Uilleam Siosal cuideachd aithinichte mar Mo Rùn Geal Òg, cumha a chaidh a sgrìobhadh às dèidh Blàr Chul Lodair. Mar a chluinneas sinn aig Raghnall MacIlleDhuibh sa program, tha an sgeulachd timcheall air toinnte ach gu cinnteach bha gaol aig a' bhana-bhàird air a cèile, a rùn geal òg. Cluinnidh sinn cuideachd bho Fhlòraidh NicNèill, Anna Latharna NicGillÌosa, Iain Dòmhnallach agus Ishbel T NicDhòmhnaill mu na tha an t-òran a' ciallachadh dhaibhsan. 'S i Catriona Mhoireach a tha a' leughadh na bàrdachd. Show less