Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,760 playable programmes from the BBC

Na h-Òrain Mhòra

Feasgar Luain

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Rugadh Uilleam Ros anns an t-Srath san Eilean Sgitheanach ann an 1762, faisg air an t-Sìthein. A' leantainn rathad Ealaghol a-mach às an Ath Leathann, tha làrach taigh mòr Choire Chatachain air an làimh dheis, agus bha an Sìthean faisg air a sin. Bha a mhàthair à sgìre Gheàrrloch agus 's ann bho a taobh-se a fhuair Uilleam a' bhàrdachd agus an ceòl. B' e Iain MacAoidh, Am Pìobaire Dall, a bha na bhàrd agus na phìobaire aig Sir Eachainn MacCoinnich Gheàrrloch, a sheanair.

B' ann às an Eilean Sgitheanach a bha athair, ceannaiche-siubhail air an robh Iain Ros. Bhiodh Uilleam òg tric a' falbh còmhla ri athair agus, mar sin, fhuair e eòlas air na h-eileanan agus àiteachan eile air feadh na dùthcha. Fhuair e cuideachd eòlas air dualchainntean eadar-dhealaichte. Ged a rinn Uilleam Ros, mar eisimpleir, dàin molaidh, bàrdachd nàdair agus òrain èibhinn, chan eil teagamh nach ann airson òrain gaoil a tha e gu h-àraidh aithnichte.

A rèir beul-aithris, thuit e ann an trom ghaol le Mòr Ros, a bhuineadh do Steòrnabhagh, turas is e as a' bhaile. Gu mi-shealbhach phòs Mòr sgiobair à Liverpool, Caiptean Clough, ann an 1782, agus dh'fhalbh iad a Shasainn. Bha Mòr air pòsadh nuair a rinn e Feasgar Luain agus e a' cuimhneachadh air an fheasgar Luain ud a bha e na cuideachd.

Sa phrògram cluinnidh sibh Donaidh Murdo Macleòid, Iain Dòmhnallach, Joina NicDhòmhnaill, Eachann MacChoinnich agus Coinneach MacThòmais a' beachdachadh air an òran. Tha a' bhàrdachd air a leughadh le Sìm MacChoinnich.

Cluinnidh sibh criomagan den òran aig Donaidh Murdo Macleòid, An t-Urr Uilleam MacMhathain agus aig Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More