Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,591 playable programmes from the BBC

Nead an Fhithich

D-Day Prògram 1

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Air an 6mh den Ògmhios 1944, thill feachdan Bhreatainn agus Ameireagaidh dhan Fhraing, às dèidh a bhith an Ceann a Tuath Afraga agus san Eadailt, gu cladaichean Normandy. B’ e seo D-Day – an oidhirp bu treise airson ruaig a chuir air na Gearmailtich agus an grèim teann a bh’ ac' air iar-thuath na Roinn Eòrpa a bhriseadh .

Bha na Gearamailtich air cùisean a dhèanamh cha mhòr do-dhèanta dhaibh. Bha an costa air a dhion leis an Atlantic Wall; na mìltean de shaighdearan, gunnaichean mòra, mèinnean agus tòrr chnapan-starra eile a bh’ air an stèidheachadh bhon Òlaind, sìos costa na Frainge, cho fada deas ri crìochan na Spàinn. Bha làn dhùil aig na Gearamailtich ri ionnsaigh air costa na Frainge – ach cha robh càil a dh’ fhios aca càit’ no cuin a thigeadh i.

Bha feachdan a' chaidreachais air a bhith deasachadh airson còrr ‘s bliadhna airson a thighinn air tìr anns an Fhraing; a' rannsachadh gu dè an t-ait’ a b’fheàrr air a shon agus a' feitheamh air an àm ceart a thaobh a' làn agus solas na gealaich.

Cha deach ullachadh cho mionaideach a dhèanamh a-riamh roimhe le còrr air trì millean saighdear air cruinneachadh ann an ceann a deas Shasainn, a’ treànadh, a’ deasachadh agus a’ feitheamh ris an òrdugh falbh.

Sa phrògram aig Dòmhnall Camshron bho 1984, cluinnidh sibh an eachdraidh aig Pòl Mac a' Bhreatannaich à Barraigh a bha na pharatrooper agus a thàinig à plèana os cionn na Frainge mus tàinig na saighdearan eile agus aig Calum Mac an Tòisich, Calum Dho'll Ruaidh à Grèineatobht an Uibhist a Tuath a bha am measg an fheadhainn a chaidh air tìr san ionnsaigh. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More