Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,437 playable programmes from the BBC

Glòir

Ceòl spioradail à Dùn Èideann mar chuimhne air Iain MacLeòid

Duration: 1 hour, 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Available for years

Ann am baile Dhùn Èideann air 4mh den Chèitean 2019 bha daoine a’ cruinneachadh anns an Lyceum ‘s an oidhche mu dheireadh den dealbh-chluich stèidhichte air am film ainmeil Local Hero a’ gabhail àite. An ath dhoras, ann an Talla Usher, bha Gaidheil a’ bhaile a’ coinneachadh airson cuimhneachadh air an Gaisgeach Ionadail aca fhèin, Iain MacLeòid à Càrlabhagh, a bhàsaich gu h-obann an-uiridh.
B’ e comataidh Comunn nan Còisirean a cho-dhùin a’ chuirm spioradail Glòir a chur air chois mar chuimhneachain air Iain, ‘s e air uimhir de dh’obair a dhèanamh airson na Gàidhlig a bhrosnachadh tro cheòl, foghlam agus creideamh ann an Dùn Èideann agus nas fharsaing. Mothachail dhan chreideamh làidir a bh’ aig Iain, cho-dhùin iad gur e cuirm spioradail a chuireadh iad air chois.
Chruinnich buill à iomadh còisir air an àrd-ùrlar, nam measg na còisirean anns an robh Iain fhèin a’ seinn, Còisir Lodainn agus Còisir Chàrlabhaigh. Bha clann Iain gu mòr an luib a’ chuirm, le Màiri a’ seinn agus na stiùiriche air Còisir Chàrlabhaigh ‘s Calum a’ cluich innealan-ciùil agus os cionn na seinn le Salm 65.
Bha seinn nan còisir agus ceòl na clàrsaich am pailteas ri chluinntinn aig a’ chuirm agus bha bun- agus àrd-sgoiltean Ghàidhlig a’ bhaile air an riochdachadh le còisirean is comhlain-ciùil. Fhuair an luchd-èisteachd cuideachd cothrom an còisir as ùire ann an saoghal na Gàidhlig a chluinntinn, an còmhlan Soisgeul, agus abair gun do chòrd iad ris na bha an làthair. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More