Rugadh Ruairidh Mac Mhurich, An Clàrsair Dall, ann am Bràgar, Leòdhas mu 1646. Bha e de shliochd a' Bhritheimh. Fhad 's a bha e san sgoil an Inbhir Nis ghabh e a' bhreac, tinneas a dh'fhàg e dall. B' ann ri linn seo 's dòcha a thòisich e ri 'g ionnsachadh na clàrsaich gu proifeiseanta agus chuir e crìoch air a thrèanadh ann an Èirinn. Nuair a thill e a dh'Alba bha e an lùib còmhlan fhèistearan a bhiodh a' siubhal na dùthcha gus na thachair e an Dùn Èideann ri Iain Breac MacLeòid, ceann-cinnidh nan Lèodach. Thug MacLeòid dha tuathanas air an robh Clagan, mu thrì mìle tuath air Dùn Bheagain, 's dòcha mar phàigheadh airson a bhith na chlàrsair as a' Chaisteal. Bha Pàdraig Òg MacCruimein na phìobaire ann mun aon àm.
Mu, no ro 1688, thàinig sgaradh eadar Iain Breac agus Ruairidh agus chaidh an clàrsair a dh'fhuireach an Tobhta Mòr an Gleann Eilge. Bha e an sin gu mu 1700, nuair a thòisich e a' siubhal na dùthcha uair eile, a' dol bho thaigh mòr gu caisteal, a' seinn agus a' cluich dha na h-uaislean. Chaochail Iain Breac sa bhliadhna 1693 agus 's ann ag aoireadh agus a' gearain mun oighre, Ruairidh, a tha An Clàrsair Dall anns an t-òran Òran do Mhacleòid Dhùn Bheagain, a tha ann an riochd còmhradh eadar am bàrd agus mac-talla. Tha e a' toirt dealbh air an dòigh-beatha a bh' ann an Caisteal Dhùn Bheagain.
Sa phrògram tha na seinneadairean Cairistìona Primrose, Màiri Anna NicUlaraig, Màiri Nic a' Ghobhainn, Art MacCarmaig, Ceana Chaimbeul a' breithneachadh air an òran agus An Dr Fionnlagh Macleòid a' toirt dhuinn eachdraidh a' Chlàrsair Dhoill. Cluinnidh sinn cuideachd an t-Urr Uilleam MacMhathain a' seinn an òrain agus tha a' bhàrdachd air a leughadh le Fearchar MacIllFhinnein. Show less