'S toigh leam na daoine ann am Beàrnaraigh, 's toigh leam an èadhar agus 's toigh leam am muir. Os cionn a h-uile rud bu thoigh leam a bhith 'g iasgach agus a' snàmh agus bu thoigh leam a bhith a' dol a choimhead air mo chàirdean', sin a thuirt Ceit Ghilleasbuig Tàilleir mu Bheàrnaraigh na Hearadh.
Rugadh Ceit am Bèarnaraigh ann an 1890, an treas duine de sheachdnar a theaghlach, sianar nighean agus aon bhalach. Mar a thuirt i fhèin cha deach i ach a Sgoil Bheàrnaraigh agus cha deach i uabhasach tric innte sin fhèin le mar a bhiodh a màthair ag obair a-muigh agus Ceit a' coimhead às dèidh na cloinne. Dh'fhalbh i a dh' obair do thuathanach san Apain aig aois 14 a' bleoghan 15 mart ro sheachd uairean sa mhadainn airson gu falbhadh am bainne air an trèine dhan Òban. Chaidh i a dh'obair dhan Òban às dèidh sin agus nuair a bhris an cogadh chaidh i a dh'obair a Ghretna sna munitions. Phòs i ann an 1918 agus bha iad a' fuireach ann a Sunderland 30 bliadhna is fhuair iad triùir chloinne. Thill iad a Bheàrnaraigh dìreach nuair a thòisich an dàrna cogadh. Boireannach làdair, tapaidh a bh' innt eadar snàmh agus spealladh.
Bhiodh Ceit ri bàrdachd a-riamh, a' dèanamh rannan beaga an toiseach, agus 's ann bho h-athair a fhuair i gibht na bàrdachd. A thuilleadh air a sin bha ùidh mhòr aice ann am beul-aithris agus cuimhne mhìorbhaileach aice air na chuala i. Sa phrògram sa cluinnidh sibh a mac Archie Dix, Dòmhnall MacPhilip, Donnchadh MacFhionghain, Dòmhnall Ailig MacPhilip, agus Bessie Pheatarsan a' cuimhneacadh oirre agus Ceit fhèin ag aithris cuid den iomadh sgeulachd is annas eile a chuala i agus criomag na dhà den bhàrdachd a rinn i fhèin. Chaidh a clàradh do Sgoil Eòlais na h-Alba le Iain Peatarsan, e fhèin à Beàrnaraigh. Chaidh am prògram a chraoladh an toiseach ann an 1993 nuair a bha Sgoil Eòlais na h-Alba a' comharracadh 60 bliadhna. Show less