Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,587 playable programmes from the BBC

Sguab an Earraich

A bheil sinn fhathast ri glanadh an earraich?

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Glanadh an earraich - a bheil e anns an fhasan fhathast no a bheil ar dòigh beatha air atharrachadh cho mòr thairis nam bliadhnaichean ‘s gu bheil sin ris a-nis fad na h-ùine? Sin a’ cheist air am bi Ceitidh Anna NicChoinnich a’ feuchainn ri freagairt faighinn thairis air an dà sheachdain tha romhainn. Bidh i a' coinneachadh ri daoine ga bheil glainnead cudromach dha-rìribh - cuid a tha dìreach deigheil air glanadh agus cuid a tha a’ ruith nan gnìomhachasan aca fhèin agus aig a bheil feumalachdan eadar-dhealaichte a thaobh obair glanaidh. Gheibh sinn beachdan a thaobh dè na stuthan glanaidh as fheàrr a tha ag obair do dhaoine ‘s mar a bhios iad gan cleachdadh, ‘s ro dheireadh cùis tha tha i an dòchas gun ionnsaich i fhèin dòigh air mar a gheibh i cuidhteas na bhios i a’ càrnadh do stuth air nach eil feum sam bith aice, ach nach eil a chridhe aice a thilgeil. Abair dùbhlan!

Tha aon nì cinnteach, tha buaidh mhòr air a bhith aig na meadhanan sòisealta mar a tha sinn a’ glanadh. Tha leabhar ùr air glanadh le Sophie Hinchliffe à Essex air na mìltean mòra a reic, barrachd sa chiad seachdain na fiù ’s na leabhraichean aig Michelle Obama agus Alex Ferghasdan - agus còrr air dà mhìlean duine ga leantainn. Gu bho chionn glè ghoirid cha robh Ceitidh Anna i fhèin air guth no iomradh a chluinntinn mu deidhinn! Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More