Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,595 playable programmes from the BBC

Seòl Dhòmhnaill

Sgoiltean 's eaglaisean Ruaig agus Chòrnaig an Tiriodh

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Tirisdeach, croitear, sgoilear, tidsear, bàrd, sgrìobhadair: tha iad gu lèir a’ freagairt air an Àrd-Ollamh Dòmhnall Meek. Thogadh e an Tiriodh agus tha croit is dachaigh a sin fhathast a th' air a bhith na phàirt mhòr de bheatha. Chaidh e a dh'Oilthighean Ghlaschu agus Chambridge, a' ceumnachadh às gach fear le urram ciad clas, à Glaschu le Ceiltis 's à Cambridge le Anglo-Saxon, Norse agus Ceiltis. Thill e a dh'Alba às dèidh bliadhnaichean sona an Cambridge gu obair air Faclair na Gàidhlig an Oilthigh Ghlaschu. Bha e an uair sin na Àrd-Ollamh ann an Roinn Ceiltis Oilthigh Obar Dheathain agus Dhùn Èideann. A thuilleadh air a sin tha e air iomadh leabhar a sgrìobhadh ann an raointean cho eadar-dhealaichte ri eachdraidh nan eaglaisean, bàrdachd agus bàtaichean Mhic a' Bhruthainn. Tha e cuideachd air a bhith an sàs ann an iomadach buidheann eadar Comann Gàidhlig Inbhir Nis, Comann Eachdraidh Eaglaisean an h-Alba agus na chathraiche air Buidheann Comhairleachaidh Ministreil na Gàidhlig ( MAGOG ).

San t-sreath seo 's e sealladh gu math pearsanta a tha sinn a' faighinn air Dòmhnall Meek 's air na cuspairean a bha agus a tha cudromach na bheatha is e a' beachdachadh air a h-uile car is toinneamh a ghabh i còmhla ri Annella Nicleòid. Sa program sa tha iad ann an Tiriodh a' tadhal air toglaichean a bha gu math bunaiteach do bheatha Dhòmhnaill - sgoiltean agus eaglaisean. Tha aon sgoil ris nach urrainn dha fiù 's coimhead nuair a tha e a' dol seachad leis a' ghràin a bh' aige oirre agus tèile a tha a' toirt togail dha chridhe. A thaobh nan eaglaisean 's e cianalas a tha iad a' dùsgadh le mar a bha athair a' searmonachadh unnta agus aon na tobhta agus an tèile an-diugh na taigh-còmhnaidh. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More