Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,595 playable programmes from the BBC

Seòl Dhòmhnaill

Na Dòmhnallaich - teaghlach Dhòmhnaill Meek an Tiriodh

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Tirisdeach, croitear, sgoilear, tidsear, bàrd, sgrìobhadair: tha iad gu lèir a’ freagairt air an Àrd-Ollamh Dòmhnall Meek. Thogadh e an Tiriodh agus tha croit is dachaigh a sin fhathast a th' air a bhith na phàirt mhòr de bheatha. Chaidh e a dh'Oilthighean Ghlaschu agus Chambridge, a' ceumnachadh às gach fear le urram ciad clas, à Glaschu le Ceiltis 's à Cambridge le Anglo-Saxon, Norse agus Ceiltis. Thill e a dh'Alba às dèidh bliadhnaichean sona an Cambridge gu obair air Faclair na Gàidhlig an Oilthigh Ghlaschu. Bha e an uair sin na Àrd-Ollamh ann an Roinn Ceiltis Oilthigh Obar Dheathain agus Dhùn Èideann. A thuilleadh air a sin tha e air iomadh leabhar a sgrìobhadh ann an raointean cho eadar-dhealaichte ri eachdraidh nan eaglaisean, bàrdachd agus bàtaichean Mhic a' Bhruthainn. Tha e cuideachd air a bhith an sàs ann an iomadach buidheann eadar Comann Gàidhlig Inbhir Nis, Comann Eachdraidh Eaglaisean an h-Alba agus na chathraiche air Buidheann Comhairleachaidh Ministreil na Gàidhlig ( MAGOG ).

San t-sreath seo 's e sealladh gu math pearsanta a tha sinn a' faighinn air Dòmhnall Meek 's air na cuspairean a bha agus a tha cudromach na bheatha is e a' beachdachadh air a h-uile car is toinneamh a ghabh i còmhla ri Annella Nicleòid. Sa phrògram sa tha iad ann an Tiriodh far na thogadh Dòmhnall, ag innse mu eachdraidh dhuilich teaghlach nan Dòmhnallach, eachdraidh taigh an teaghlaich 'Coll View' sa Chaolas agus cho làidir 's a bha agus a tha na bannan a tha dha cheangal ri Tiriodh. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More