Sgriobh Catrìona Chaimbeul, Catrìona an Tucsan à Taobh Siar Leòdhais iomadach pìos bàrdachd is dàn spioradail às dèidh atharrachadh a thighinn na beatha ri linn nan dùsgaidhean spioradail ann an Leòdhas anns na 50an, nuair a bha an t-Urr Donnchadh Caimbeul air an eilean. Bha cuimhne mhath aig Catrìona a bhith ag èisteachd ri laoidhean air an seinn anns na dachaighean agus a' bhuaidh a bh’ aige sin oirre fhèin.
Ann an 1988 mar phàirt den t-sreath phrògraman 'A Spiris' air BBC Radio nan Gaidheal, rinn an nighean aig Catrìona, Nan Nic a' Ghobhainn prògram còmhla ri mathar agus iad a' bruidhinn mun bhàrdachd aice. Bha taghadh de na laoidhean aig Catrìona ri chluinntinn anns a' phrògram agus na guthan aice fhèin agus Nan ri chluinntinn a’ seinn. Show less