Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,430 playable programmes from the BBC

Iasgach Port Nis

Le John Murdo Macleòid

Duration: 30 minutes

Mu 1930 sgrìobh Dòmhnall Macleòid, Dòmhnall Chaluim Mhurchaidh, an greusaiche a bh' ann an Port Nis bàrdachd mun iasgach a bha dol sa sgìre agus tha 'An t-Iasgach a bha am Port Nis' a' toirt dealbh cho slàn 's a th' againn den obair a bha cho cudromach dhan sgìre. Mun àm a rinn e an t-òran bha an t-iasgach air crìonadh ach san 19mh linn agus a-steach dhan 20mh linn bha e na ghnìomachas mòr. Tha e smaoineachail an-diugh gun deach 21,725 langa a chuir air tìr ann a Nis sa Ghearran 1895 agus bha sin a thuilleadh air na truisg, turbaidean, bradain leathainn, sgait agus easgainn a bhathas a' glacadh. Bha barrachd langa dha chuir air tìr ann a Nis na bha ann an Obar Dheathain aig an àm.

Sa phrògram seo tha John Murdo Macleòid, John Murdo 'an Mhurdo, a chaochail san Dùbhlachd a chaidh, 's a bha sa cheathramh ginealach de shaor dhubha a bha a' togail eathraichean sa Phort, ag innse mu eachdraidh an iasgaich san fharsaingeachd sa sgìre. Tha òran Dhòmhmaill Chaluim Mhurchaidh air a sheinn le Tormod Mac a' Ghobhainn agus air aithris le Dòmhnall Iain MacÌomhair. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More