Anns an dàrna prògram far a bheil sinn a’ comharrachadh ceud bliadhna bhon a rugadh am bàrd ainmeil Dòmhnall Iain Dòmhnallach, Dòmhnall Iain Dhonnchaidh à Peighinn nan Aoireann an Uibhist a Deas tha Catrìona Mhoireach a’ cluinntinn mar a thòisich Dòmhnall Iain Dhonnchaidh air sgrìobhadh a chuid bhàrdachd anns an t-seann nòs agus beag air bheag dh’atharraich e an stoidhle aige gu bhith sgrìobhadh san nòs ùr.
Cluinnidh sinn cuideachd mun obair spioradail agus na laoidhean aig Dòmhnall Iain agus mar a tha iad rin cluinntinn tric anns na h-eaglaisean ann an Uibhist, Èirisgeidh agus am Barraigh. Show less