Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,598 playable programmes from the BBC

Na Bàird Baile - Dòmhnall Iain Dhonnchaidh

Ceud bliadhna bho rugadh Dòmhnall Iain Dhonnchaidh - 1/2

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Rugadh Dòmhnall Iain Dòmhnallach ann am Peighinn nan Aoireann an Uibhist a Deas air an 7mh den Ghearran ann an 1919. Bhuineadh e do theaghlaichean air taobh athar agus a mhàthar a bha sònraichte a thaobh an eòlais agus an ùidh a bha aca ann an eachdraidh, òrain agus dualchas. Air taobh a mhàthar b’ e an “colaiste” a bh’ aca air Taigh Aonghais Ruaidh, taigh a sheanar ann an Snaoiseabhal, far am biodh daoine a’ cruinneachadh ag ionnsachadh òrain, eachdraidh is pìobaireachd. Air taobh athar b' e an seanchaidh ainmeil Donnchadh MacDhòmhnaill 'ic Dhonnchaidh, Donnchadh Clachair, a b' athair dha, agus bha Niall, bràthair athar, cuideachd aithnichte mar sgeulaiche ged a bha e caran diùid.
Dh’fhàg Dòmhnall Iain an sgoil aig ceithir bliadhna deug agus bha e gu math toilichte a chùl a chur rithe. Chaidh e a dh’obair air cruit athar agus b’ ann mun àm sin a thòisich e air dàin a’ dhèanamh. A rèir Bill Innes ,“ bha Dòmhnall Iain mar Burns nuair a thòisich e air ùidh a ghabhail anns na caileagan. B’ann an uairsin a thoisich e air dain a sgrìobhadh.”
Bha ùidh mhòr aige anns a' bhàrdachd aig Iain MaCodrom agus dh’ionnsaich e tòrr bho bhith a rannsachadh an dòigh sgrìobhaidh aige. Bha buaidh mhòr aig bàrdachd bràthair a mhàthar, Dòmhnall Ruadh Phàislig, air cuideachd,.
Bha an creideamh Caitligeach a-riamh cudromach do Dhòmhnall Iain agus, ged a thàinig e tro iomadh dùbhlan agus dòrainn nuair a bha e na phrìosanach sa Ghearmailt fad còig bliadhna aig àm an Dàrna Cogadh, b' ann às dèidh dha aois dà fhichead bliadhna a ruighinn a dh'fhàs e dha-rìribh dlùth do chreideamh.
B' ann nuair a bha e na phrìosanach sa champa a thòisich e air a' bhàrdachd 'Moladh Uibhist', leis na choisinn e Crùn a' Bhàird aig Mòd Ghlaschu ann an 1948, ged nach do chrìochnaich e a' bhàrdachd gus an do thill e dhachaigh às a' chogadh.
Ged a nochd a bhàrdachd ann an deifir irisean thar nam bliadhnaichean, b’ ann ann an 1998 a nochd cruinneachadh slàn den bhàrdachd aige anns an leabhar “Chì Mi” a chaidh a dheasachadh le Bill Innes.

Tha Catrìona Mhoireach cuide ri càirdean is luchd-eòlais Dhòmhnaill Iain a’ toirt sùil air a bheatha agus a bhàrdachd anns an t-sreath seo. Tha Dòmhnall Iain Dhonnchaidh e fhèin ri chluinntinn ag innse mun a' bhuaidh a bh’aig bàird eile air an obair aige agus a' bhuaidh a bh’ aig an Dàrna Cogadh air agus e na phrìosanach. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More