Chaochail Seonaidh MacGill-Eain na dhachaigh anns an Òban ann an 1970 aig aois 61 às dèidh dha a dhreuchd a leigeil dheth mar cheannard Àrd-sgoil an Òbain. B’ e sàr sgoilear a bh' ann, le ceuman bho Oilthigh Dhùn Èideann, Cambridge agus Vienna.
Am measg na pàipearan a dh’ fhàg Seonaidh às a dhèidh bha bàrdachd a sgrìobh e fhèin a bharrachd air mòran eadar-theangaichaidhean chun na Gàidhlig bho Laideann, Greugais, Gearmailtis agus bhon Bheurla. A bharrachd air an deagh chliù a bh' aige airson sàr sgoilearachd, bha ainm aige cuideachd mar mhaighstir-sgoile laghach, bàigheil.
Anns an dà phrògram a tha seo tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill a’ bruidhinn ri daoine a bha eòlach air Seonaidh, bràthair a sheanar feuch an cuir e ris na tha e fhèin air cluinntinn mun duine. Show less