Gach dàrna bliadhna bidh ollamhan agus oileanaich bho air feadh saoghal na Gàidhlig a’ cruinneachadh airson pàipearan a thaisbeanadh agus a dheasbad. Agus is iomadh cuspair a nochd aig Rannsachadh na Gàidhlig 2018 – eadar mapaichean dhan a’ Chomraich air seann phocannan bidhe, am facal “cè”, bàrdachd baile agus mar a nochd call na h-Iolaire ann an litreachas nan Gàidheal.
An-diugh air Prògram Choinnich gheibh sibh cothrom èisteachd air ais ri cuid de na còmhraidhean a tha sin. bbc.co.uk/Coinneach Show less