Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 280,099 playable programmes from the BBC

Bailtean fo Bhròn

Sgìre An Rubha

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Bha dìreach fichead gann de mhìle neach à Sgìre an Rubha anns na feachdan armaichte sa Chogadh Mhòr. Dhiubh sin, bha dà cheud nach do thill.
Nam measg bha an naoi duine deug air fhichead a chailleadh air an ‘Iolaire’: bha leth-cheud às an Rubha air bòrd, agus cha d’ fhuair ach aon duine deug dhiubh aiste lem beatha. Mar sin bha an còigeamh cuid de na chailleadh sa chogadh, san Iolaire. Bha sean-seanair Anna Frater, Iain MacLeòid, Iain Mhurchaidh Chaluim, air an àireamh.

Anns a’ phrògram sa, tha Anna a’ coinneachadh ri feadhainn eile aig a bheil dlùth cheangal ris na balaich a bha air bòrd. De na bailtean uile san Rubha, b’ e baile beag Sheisiadar bu chruaidhe a dh’fhulang buille na h-oidhche sin. Chailleadh deichnear de bhalaich Sheisiadar. Tha sgeulachdan pearsanta ri chluinntinn mu phoit-tì sònraichte chaidh a cheannach le màthair ‘s i fèitheamh ris na balaich tighinn dhachaigh, ach cha do thill. Ceud bliadhna air adhart, tha a’ phoit-tì sin an-diugh gu math prìseil air sgeilp aig teaghlach nam balach ann am Paibil Iarach.

Tha sgeulachdan eile a’ nochdadh sa phrògram air a’ bhuaidh a bh’ aig an tubaist air an fheadhainn a thàinig beò às an Iolaire, gu leòr dhuibh nach b’urrainn bruidhinn mu na thachair no fiù’s fuireach anns an eilean agus a theich gu taobh eile an t-saoghail. ‘S mar a chluinneas sin, sann ceud bliadhna air adhart, tha cuid de na teaghlaichean a’ faighinn a-mach mu na càirdean sin a thàrr às lem beatha, an teaghlach aig Anna fhèin,nam measg. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More