Fad làithean an dèidh call an Iolaire air Biastan Thuilm air madainn na Bliadhn’ Ùire bha teaghlaichean air feadh Eilean Leòdhais a’ lorg ‘s a’ toirt dhachaigh am mairbh gus laighe, aig fois, nan sgìrean fhèin. An fheadhainn gam b’urrainn sin a dhèanamh. Cha robh teaghlaichean an Tolastadh bho Thuath air a’ chaochladh. Chailleadh aon duine deug air an aon oidhche anns an aon bhaile.
Anns a’ phrògram seo, tha Catrìona Mhoireach a’ coinneachadh ri feadhainn aig a bheil ceanglaichean làidir ris na balaich a bh’ air an Iolaire. Cluinnidh sinn mar a bha teaghlach balaich Gabhsainn, Dòmhnall agus Calum MacLeòid aig àireamh 58, am measg sianar theaghlaichean anns an eilean a chaill dithis mhac air an Iolaire.
Tha Catrìona cuideachd a’ coinneachadh ri mac Dhòmhnaill Brus, Dòmhnall Moireach a fhuair gu tìr agus bha air fear dhan fheadhainn mu dheireadh a fhuair far an t-soithich. Tha sgeulachd iongantach ri innse mun chàirdeas bha eadar Dòmhnall Brus agus a charaid Iain Choinnich Iain Mhoireasdan fad bliadhnaichean a’ chogaidh, gus an deach an dealachadh air bòrd an Iolaire. Innsidh ogha Dhòmhnaill Brus dhuinn carson a tha dealbh dha seanair agus a charaid air bhith cho prìseil dhan teaghlach acasan fad nam bliadhnaichean. Show less