Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,685 playable programmes from the BBC

Seachdain sa Chogadh

Episode 224

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Air 3 Samhain 1918 dh’aontaich Riaghaltasan nan Co-chòmhraigeach ri iarrtas na Gearmailt airson arm-stad agus sìth, stèidhichte air beachdan a chur Ceann-suidhe Wilson nan Stàitean Aonaichte air adhart san Fhaoilleach. Ach bhiodh seachdain eile ann mus deigheadh ainmean a chuir ris.
Air an aon latha chaidh ainmean a chur ri arm-stad eadar an Ostair-Ungair agus Dùthchannan a’ Cho-chaidreachais.

Ro èirigh na grèine air 11 Samhain, ghabh feachdan Canèidianach sealbh air Mons, a’ saoradh sgìre a bha air a bhith fo smàig na Gearmailt bho chiad mhìosan a’ chogaidh. Aig còig uairean sa mhadainn, air bòrd trèana ann an coille air taobh a-muigh Compiègne san Fhraing, chuir riochdairean na Gearmailt an ainmean ri aonta arm-stad - arm-stad a bheireadh a’ Chiad Chogadh Mòr gu crìch.

Aig sia uairean sa mhadainn chaidh brath a-mach bho Mharshal Ferdinand Foch, ceannard feachdan nan Co-chòmhragaichean. Bha an teachdaireachd sìmplidh:
Hostilities will be stopped on the entire front beginning at 11 o’clock November 11th (French hour). The Allied troops will not go beyond the line reached at that hour on that date until further orders.

Beagan an dèidh trì uairean feasgar, chaidh am Prìomhaire, Daibhidh Lloyd George, air a chasan ann an Taigh nan Cumantan ag innse: "At eleven o’clock this morning came to an end the cruelest and most terrible war that has ever scourged mankind. I hope we may say that this, this fateful morning, came to an end all wars." Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More