Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,685 playable programmes from the BBC

Seachdain sa Chogadh

Seachdain sa Chogadh

Episode 222

Duration: 10 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Air an 19mh den Dàmhair 1918 thàinig Batal Courtroi no an Dara Blàr dhen Bheilg gu ceann le buaidh fhurasta dha na Co-chòmhraigich. Ghabh feachdan na Beilg bailtean Zeebrugge agus Bruges air ais cuideachd. Ron ath latha, bha cladach na Beilg uile air ais fo smachd feachdan nan Co-chòmhraigeach. Chualas cuideachd gun robh Riaghaltas na Gearmailt air freagairt a thoirt dhan Cheann-suidhe Woodrow Wilson a’ gabhail ris na cùmhnantan a bha e air an cur mun coinneamh airson fosadh.

Agus bha aithris anns a’ Highland News mun phrìs a bha ri phàigheadh nan rachadh do ghlacadh a' cuideachadh prìosanaich cogaidh Gearmailteach. Chaidh casaid a thogail an aghaidh a’ gheamair Evan agus a bhean Ceit Fhrisealach gun robh iad air riaghailtean Dìon na Rìoghachd a bhriseadh le bhith a’ toirt bolla mine do shaighdear Gearmailteach a bha na phrìosanach san sgìre. Gheibh sinn a-mach bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill dè a' bhinn a chaidh a chuir orra. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More