Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,685 playable programmes from the BBC

Seachdain sa Chogadh

Seachdain sa Chogadh

Episode 221

Duration: 10 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Air an 12mh den Dàmhair 1918 thug Riaghaltas na Gearmailt freagairt dhan iarrtas aig Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte, Woodrow Wilson a bh’ air moladh gum bu chòir dha na Gearmailtich an cùl a chur ris gach sgìre a bha fo smachd mus bruidhnear mu dheidhinn sìth. Bha Gearmailtich air gabhail ri na bha an Ceann-suidhe Wilson ag iarraidh ’s iad a’ moladh Coimisean Measgaichte a dheànadh rèiteach mun dòigh san gluaiseadh iad feachdan a-mach às a’ Bheilg ‘s an Fhraing. Cha robh sin math gu leòr dha na meadhanan ann an dùthchannan nan Co-chòmhraigeach ge-tà, a bha dhen bharail gum bu chòir dha na Gearmailtich gèilleadh gun chùmhnantan sam bith a bhith mun coinneamh. Cluinnidh sinn an tuilleadh bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More