An t-Eilean/From Skye with Love
Series 1
Episode 4
29 minutes
Se sgìre bhreagh a th’ann an sgìre Thròndairnis ann an ceann a tuath an eilein Sgitheanaich. ‘Sann ann an Tròndairnis a tha grunnd dhe na seallaidhean as ainmeil anns an eilean, na measg Bodach na Stòrr, an Cuth-raing agus Creag an Fheilidh, agus tha na mìltean de luchd-turais a’ tadhal air an sgìre gach bliadhna.
Tha Tròndairnis a’ toirt a-steach Stafainn, Uig agus Cille Mhoire agus bha a-riamh coimhearsnachd laidir Gàidhlig ann a bailtean na sgìre. Anns an t-sreath seo a chaidh a’ fiolmadh thairis air bliadhna, tha sinn a’ cur eòlas air muinntir Thròndairnis agus a’ leantainn na sgeulachdan aca tro’n bhliadhna.
Anns an ceathramh prògram, tha gillean priomh sgioba chamanachd an eilein a’ suibhal a dh’Inbhirnis airson iar-chuairt dheireannaich cupa na camanachd, tha buidheann dràma ChilleMhoire a’ deisealachadh airson a Mhòd, agus tha sinn a’ tadhal air cladach Dhuntuilm còmhla ri eòlaiche air dìneasaran Dugie Ross.
Kilmuir Drama Group rehearse their play for the Mod, Skye's first shinty team play in the Camanachd Cup semi-final and the Strictly Skye dancers work on their routines. Show less