Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,685 playable programmes from the BBC

Seachdain sa Chogadh

Seachdain sa Chogadh

Episode 220

Duration: 10 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Airson an dara turas ann an 1918, air an 6mh den Dàmhair thachair tubaist mara uabhasach eile air cladaichean eilean Ìle. Aig toiseach a’ Ghearain bha an Tuscania air a dhol air na creagan aig Maol na h-Obha far an deach còrr is 200 saighdear Ameireaganach a chall, ach bhiodh an dara tubaist nas miosa buileach.

Bha gèiltean fiadhaich ann air an deireadh sheachdain,, a leithid nach fhacas riamh roimhe ann an Ìle le gaoth a’ sèideadh bhon iar. Madainn na Sàbaid chunnacas soitheach mòr as aonais cumhachd a’ deànamh air a’ chladach eadar Machraidh agus Cille Chiarain.

Bha an SS Otranto air a slighe ann an conbhoidh bho New York a Ghlaschu agus Liverpool le saighdearan Ameireaganch air bòrd an uair a bhuail i anns an SS Kashmir a-mach bho chladach Ìle. Innsidh Gilleasbuig MacDhòmhnaill dhuinn mar a thachair. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More