Thòisich ‘Ionnsaigh na Flannrais’ - no ‘Còigeamh Blàr Ypres’ – air an 28mh den t-Sultain 1918, mar a dh'innseas Gilleasbuig MacDhòmhnaill dhuinn, le Breatainn, a’ Bheilg is an Fhraing a’ strì gus na Gearmailtich a phutadh a-mach às an talamh a bha fo smachd aca timcheall Ypres. Bha seo na phàirt den iomairt fharsaing ris an canar ‘The Hundred Days Offensive’, sreath de bhlàir, a bha air tòiseachadh goirid ron a seo agus a bha ag amas air a’ Ghearmailt a phutadh a-mach às an Fhraing agus a’ Bheilg uile-gu-lèir. Thug an iomairt ceum eile air adhart air an ath là nuair a thòisich Blàr Canàl St. Quentin.
Cluinnidh snn cuideachd bho Dhòmhnall MacNeacail, Dòmhnall Iseabail à Camus Croise san Eilean Sgitheanach, a chaidh a leòn air an t-seachdain sa. Show less