Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,892 playable programmes from the BBC

Seachdain sa Chogadh

Seachdain sa Chogadh

Episode 218

Duration: 10 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Ann an Serbia, ràinig na feachdan Frangach is Serbianach an Abhainn Vardar air an 21mh den t-Sultain, is iad a’ dlùthachadh air baile Negotin. Thòisich Arm Bhulgàiria a’ cur às dha na stòir agus na h-uidheaman-cogaidh aca is iad ag ullachadh son tarraing air ais às an sgìre, mar a dh'innseas Gilleasbuig MacDhòmhnaill dhuinn.

Ann am Palestine, ràinig Arm Bhreatainn Shechem agus Samaria, a’ putadh Arm na Tuirce air ais anns an da àite, agus a’ cur mòran phriosanach agus ghunnaichean an greim.

Cuideachd rinn an Fhraing a-rithist adhartas deas air St Quentin, a’ gabhail sealbh air baile Benay. Bhuannaich Breatainn fearann an ear air Epehy air an aon latha, ged a chaidh aig na Gearmailtich air stad a chur orra airson greis an seo.

Ghabh na h-Ameirigeanaich sealbh air Very agus Epionville air an 26mh a’ glacadh 8,000 prìosanach. Thòisich Bàr Canal du Nord agus Cambrai air an 27mh, le na Canèidianaich aig cridhe nan ionnsaighean an sin agus rinn Bulgàiria tagradh oifigeil airson sìth ris na Co-chòmhragaich. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More