Se sgìre bhreagh a th’ann an sgìre Thròndairnis ann an ceann a tuath an eilein Sgitheanaich. ‘Sann ann an Tròndairnis a tha grunnd dhe na seallaidhean as ainmeil anns an eilean, na measg Bodach na Stòrr, an Cuth-raing agus Creag an Fheilidh, agus tha na mìltean de luchd-turais a’ tadhal air an sgìre gach bliadhna.
Tha Tròndairnis a’ toirt a-steach Stafainn, Uig agus Cille Mhoire agus bha a-riamh coimhearsnachd laidir Gàidhlig ann a bailtean na sgìre.
Anns an t-sreath seo a chaidh a’ fiolmadh thairis air bliadhna, tha sinn a’ cur eòlas air muinntir Thròndairnis agus a’ leantainn na sgeulachdan aca tro’n bhliadhna.
Anns an darna prògram, tha buidheann de dhannsairean òg, Dannsairean an Eilean Sgitheanaich, ag ullachadh airson Strictly Skye, oidhche mhòr anns a choimhearsnachd, agus tha fèill mhòr airson airgead a thogail dha Sgrùdadh Aillse ga cumail ann a Stafainn.
Preparations are under way for a big dance event in Portree - Strictly Skye. Alasdair, Helen and the team hold the 32nd annual Cancer Research fundraising event in Staffin, and Uig postie James has an interesting round. Show less