Ann an ceann-a-tuath na Roinn Eòrpa, fhuair Breatainn sealbh air Chamova, baile beag faisg air Archangel, air a' 14mh den t-Sultain 1918, ach b’ eudar dhith tòiseachadh air tarraing a-mach à Baku, ann an Asarbajan an là-an-diugh, air an aon latha. An ath latha chuir Riaghaltas na h-Ostair tagradh oifigeil gu Ceann-Suidhe Ameireaga, Woodrow Wilson, a’ sireadh co-labhairt-sìth “neo-oifigeil” eadar an dà dhùthaich, ach dhiùlt Wilson gabhail ris a seo air an ath latha.
Bha Breatainn agus an Fhraing a’ cumail a’ dèanamh adhartas san Fhraing ann an grunn àitichean na làithean s’ agus, gu h-àraidh bha iad a-nise a’ bagairt air pàirtean de loidhne-dìon Hindenburg na Gearmailt, mar a chluinneas sinn aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Show less