Bho chionn beagan sheachdainean, aig toiseach an Lùnastail 1918, bha na Co-chòmhragaich air a bhith a’ feuchainn air loidhnichean dìon nan Gearmailteach, loidhnichean a bha a’ sìor fhàs lag. Bha Blàr Amiens air tòiseachadh air an ochdamh latha is air a leantainn le grunn bhatail eile agus a-nis, aig deireadh an Lùnastail bha Dàrna Blàir Arras air tòiseachadh agus Blàr na Scarpe nam measg.
Air an 28mh den mhìos choisinn Daibhidh Lowe Mac an t-Saoir, a rugadh ann am Mansa na h-Eaglaise Saoire am Port na h-Abhainne an Ìle, Crois Bhictoria. Bha e a’ sabaid còmhla ris an HLI. Tha an iomradh a chluinneas sinn air a threubhantas a’ toirt sealladh dhuinn air duine a choisinn an duais as aìrde airson gaisgeachd.
Ann am Moscow thug boireannach òg, Fanya Kaplan, ionnsaigh air Lenin is e a’ fàgail factaraidh airm. Chaidh peilear tro chòta, peilear eile tro amhaich, agus stad peilear eile na ghualainn chlì. Gu h-iongantach cha deach a mharbhadh. Gheibh sinn a-mach bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill dè a thachair dha Fanya Kaplan.
B’ ann mu chuairt air Bapaume a bha an t-sabaid bu chruaidhe aig toiseach na Sultain, ann an sgìre a chaill na Gearmailtich sa Mhàirt 1917 ’s a choisinn iad air ais an ath Mhàirt. Air an 3mh den t-Sultain 1918 fhuair feachdan Breatannach sealbh air baile Lens agus chrìochnaich dàrna blàir an Somme, Arras agus Bapaume.
Agus sgrìobh Seumas MacDhonnchaidh à Ìle, an litir mu dheireadh a sgrìobhadh e. B’ e Seumas bràthair an t-seinneadair ainmeil Mairead NicDhonnchaidh - a th’ air a cuimhneachadh gach bliadhna aig a’ Mhòd Nàiseanta leis an fharpais chòisir air a bheil a h-ainm. Tha e a' toirt dealbh smaoineachail air na bha a' tachairt timcheall air agus aig an aon àm dealbh soilleir na inntinn air an dachaigh. Cluinnidh sinn earrannan den litir.
Bha adhbhar aig feachdan nan Co-chòmhraigeach a bhith dòchasach aig toiseach na Sultaine. Bha saighdearan Breatannach is Frangach an tòir air na Gearmailtich a bha a’ teiche a dh’ionnsaigh Loidhne Hindenburg. Chaidh innse gun deach còrr air 19,000 prìosanach Gearmailteach a ghlacadh air an t-seachdain a chaidh, agus gu robh na Co-chòmhragaich air còrr air 150,000 prìosanach a ghlacadh bhon 18mh den Iuchar. Air an 9mh den t-Sultain bhuannaich feachdan Breatannach talamh àrd eadar Havrincourt agus Gouzeaucourt. Bha iad a-nis a’ coimhead thairis air Loidhne Hindenburg 's cha robh feachdan Frangach ach ceithir mìle bho St Quentin. Show less