Bha adhbhar aig feachdan nan Co-chòmhraigeach a bhith dòchasach air an 7mh den t-Sultain 1918 mar a dh'innseas Gilleasbuig MacDhòmhnaill dhuinn. Bha saighdearan Breatannach is Frangach an tòir air na Gearmailtich a bha a' teiche a dh'ionnsaigh Loidhne Hindenburg. Chaidh innse gun deach còrr air 19,000 prìosanach Gearmailteach a ghlacadh air an t-seachdain a chaidh, agus gu robh na Co-chòmhragaich air còrr air 150,000 prìosanach a ghlacadh bhon 18mh den Iuchar. Air an 9mh den t-Sultain bhuannaich feachdan Breatannach talamh àrd eadar Havrincourt agus Gouzeaucourt. Bha iad a-nis a' coimhead thairis air Loidhne Hindenburg 's cha robh feachdan Frangach ach ceithir mìle bho St Quentin. Show less